Ged nach robh sinn, “Nighnean Lionacleit” an Glaschu ach airson dà oidhche rinn sinn an gnothach air gu leòr rudan spòrsail a dhèanamh anns an ùine sin!
Madainn Dihaoine choinnich sinn le Uibhisteach eile ann an Glaschu, Iain Eòsaph MacIosaig a tha ag obair aig a BhBC ann an Glaschu. Thug Iain Eòsaph sinn mun cuairt air an togalach mhìorbhaileach seo agus dh’ionnsaich sinn mòran mu dheidhinn na bhios a’ tachairt an seo. Chunnaic sinn an sgioba aig Roinn na Gàidhlig is iad trang ag obair, fhuair sinn a-steach gu Edit agus cuideachd dhan stiùidio far am bi Reporting Scotland, an sìde air An Là agus Sportscene air a chlàradh.’ S e an highlight do mhòran den bhuidheann an cothrom fhaighinn suidhe ann an cathair presaentair Reporting Scotland airson dealbh agus cuideachd coinnicheachadh ri Sarah Cruickshank agus Judith Ralston.
Chuir sinn seachad ùine an uairsin aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu an sàs sa bhuidheann “Cèic is Cabadaich”, buidheann sgoilearan a bhios a’ coinneachadh airson beagan craic gach seachdain bho stiùir Alison Ni Dhorchaidhe, Oifigear Òigridh ChnaG ann an Glaschu. Choinnich sinn ri sgoilearan laghach bhon sgoil agus thadhail mòran Uibhistich a bhios a’ teagasg a-staigh oirnn. Cha dhìochuimhnich sinn na cèicean blasta a bha ann airson ithe cuideachd. An seo bha sinn a’ dèanamh iomradh air na rudan a bhios a’ còrdadh rinne mu dheidhinn Uibhist, agus carson is e an àite is fhearr air lalamh – nar beachd sa co-dhiù!- rudan mar na tràighean breagha agus na daoine laghach.
Chrìochnaich ar turas is sinn a’ siubhail dhachaigh air aiseag Mhalaig far an robh beagan de chèilidh a ‘dol còmhla ri muinntir Cheòlas. Rinn sinn beagan dannsa agus seinn mus do ràinig sinn Loch Baghasdail.
Tha sinn ùile a’ faireachdain gun rinn an turas feum dhuinn ann a bhith a’ leasachadh ar sgilean Gàidhlig agus tha sinn cuideachd cus nas misneachail a bhith ga bruidhinn nar measg fhein. Tha sinn a’ faireachdan, mar dhaoine òga, gu bheil tachartasan mar seo air leth feumail agus buannachail nàr n-oidhirpean ìre fileantachd a ruighinn.
Bha turas sgoinneil againn agus tha sinn airson taing a thoirt dhan h-uile duine a thug taic dhuinn ann an dòigh sam bith, gu h-àraid Mrs Beaton agus an sgoil, Màiri Ann Chaimbeul bho ChnaG agus Ruth a bha a’ draibheadh am bus dhuinn.
Ghabh feadhainn dhan òigridh bhon buidheann Òigridh Uibhist pàirt ann an tachartas air leth spòrsail, agus annasach, ann an Loidse Ghrogarraidh, Uibhist a Deas, anns an Dùbhlachd.
Ged a bha latha gaothail fuar ann a-muigh, bha loidse Ghrogarraidh blàth togarrach agus na ionad uabhasach freagarrach airson na bha air thoiseach air an òigridh.
Ghabh an òigridh pàirt ann an mòran dùbhlain agus geamaichean a thug an cothrom dhaibh obrachadh còmhla tro mheadhain na Gàidhlig. Bha aca ri obrachadh a-mach cò a chuir urchair ri Ben Mòr, fiadh ionadail anns an geama Murder mystery “ Sleigh Bells ring” far an tug Bodach na Nollaig a bhean agus a charaidean air turas a dh’ Uibhist. Bha tuairmsean air an toirt seachad mu na thachair agus bha gach neach anns a bhuidheann a’ cluich caractaran bhon sgriobt agus bha loidhnichean aig an òigridh air fad ri leughadh airson beachd a thoirt dhaibh air cò a’ rinn an rud uabhasach a bha seo. Thog an geama seo misneachd an òigridh ann a bhith a’ bruidhinn agus a’ leughadh na Gàidhlig còmhla ri an co-aoisean agus na h-inbhich a bha an sàs. Bha fealla-dhà gu leòr an luib seo agus cha robh am freagairt furasta ri obrachadh a-mach.
Bha dùbhlain eile ann tron oidhche far an robh aca ri teachdairean falaichte a lorg air feadh na loidse agus a’ togail dhealbhan dhiubh, cuideachd farpaisean-cheist is gu leòr geamaichean eile. Dh’ fhàg an òigridh air fad le duaisean a bha iad air a bhuannachadh. Chrìochnaich an oidhche le film air an sgrìon mhòr , as dèidh dhaibh sùil a thoirt air sean film FilmG no dhà.
Bha oidhche air leth aig an òigridh air fad (agus aig na h-inbhich!) a’ fuireach ann an Grogarraidh agus bha iad air am milleadh le dinnear blasta agus bracaist an ath mhadainn bho Bella agus an luchd-obrach ann an Grogarraidh. ‘ S e àite sgoinneil a bha ann airson fuireach oidhche le buidheann òigridh agus chòrd an oidhche gu mòr riutha.
Chaidh an tachartas seo a chuir air dòigh le Catriona Mhoireasdan, Màiri Anna Chaimbeul agus Paul Steele.
Bha aca ri diofar sgilean a chleachdadh airson seo, mar eadar-theangachadh, airson am fiosrachadh a’ lorg iad a chuir anns a Ghàidhlig agus dh’ ionnsaich iad sgilean ùr le bhith a’ cleachdadh am prògram coimpiutair Audacity. Bha spòrs gu leòr na luib agus bha iad toilichte le na thàinig às. Bha am pròiseact seo math dhan mhisneachd aca a bhith a’ bruidhinn na Gàidhlig, le feadhainn anns a bhuidheann nach robh airson bruidhinn aig toiseach a phròiseact ach a rinn pìos goirid air a’ phrògram, nuair a chaidh a chlàradh. Bha e cuideachd math dhaibh a thaobh leasachadh na sgilean rannsachaidh agus na sgilean teicnigeach aca. Thathar an dòchas pròiseact mar seo a dhèanamh a-rithist a dh’aithg

Vastaukset 2
Vanhimmat
Meinaako tämä että koko kansainvälisen tutkimusarvioinnin päätepysäkissä, skottilaisessa pyhän druidimaisen jalon annan lohikäärmevelmuilijan kirkon piirin pyhän lähteen kuplan välittämän viestin mukaisesti kautta pyhän Henkan jne koko köörin kautta isiemme varpaiden alla olevan mullan nyt alkaa lyyti kirjoittamaan eli henkivallat taipuvat sovintoon, sittenkin?
Tässä vähän tekemistä riittää...joulunpyhiksi.